Far a bheil pàrantan a tha fileanta a’ fàgail aig an sgoil a’ chànan a chumail ris a’ chloinn aca

Published in the Scotsman on Saturday 17 December 2011 00:00

Tha an stiùiriche aig buidheann a tha a’ cuideachadh daoine gus an clann a thogail le Gaeilge ag ràdh gu bheil “daoine a chaidh tro fhoghlam Gaeilge a’ roghnachadh ‘Gaelscolaíocht’ dha’n cloinn fhèin an àite Gaeilge a bhruidhinn leotha”.

Mar ann an Alba, chan e sgeul ùr neo iongantach a th’ ann gu bheil clann gan togail le Gaeilge anns a’ Ghaeltacht (a’ Ghaidhealtachd thradiseanta). Ach tha àireamh nan teaghlaichean sa Ghaeltacht a tha togail paistean le Gàidhlig a’ tuiteam, agus thathar a’ creidsinn gur ann sa Ghalltacht a tha crannchur na cànain. Is cinnteach gu bheil na “Gaelscoileanna” air fàs gu làidir ann a-sin o chionn 30 bliadhna. Tha 14,600 ag ionnsachadh tro mheadhan na Gaeilge air “Ghaeltacht” agus 40,297 air “Ghalltacht”, a’ mhòrchuid mhòr ann an siostam na stàite.

Ach a bheil buaidh aig an fhàs sin air àireamh na cloinne a tha gan togail le Gaeilge sa Ghalltacht? Tha Feargal Ó Cuilinn, stiùiriche “Comhluadar”, an dòchas gun do rinneadh adhartas. “Saoilidh mi gu bheil nas motha de dhaoine ag iarraidh an clann a thogail le Gaeilge na 10 bliadhna air ais, ’s gu bheil fàs beag ann an àireamh nan teaghlaichean a tha ga dhèanamh.

“O chionn 10 bliadhna bha na bu mhotha na 200 teaghlach clàraichte le Comhluadar agus dh’fhaoidte 80 aca glè ghnìomhach. A-nis tha còrr agus 650 air na leabhraichean againn agus dh’fhaoidte 200 neo 250 a’ dèanamh feum gnìomhach, gu mìosail, de sheirbheisean sòisealta na buidhne. Cuideachd bidh teaghlaichean bho àiteachan fad ás agus buidhnean poblach a’ tighinn thugainn ag iarraidh comhairle ’s a leithid. Ach chan eil e furasta cur ri àireamh nan teaghlaichean gun taic on t-siostam-stàite.”

Ach nach eil seann sgoilearan ga dhèanamh?

“Fhathast se àireamh glè bheag de phàrantan Gaelscoileanna a tha a’ togail clann le Gaeilge. Is cinnteach gum bi daoine àraidh ga dhèanamh, ach chan eil mi smaoineachadh gu bheil mòran. Tha e coltach gu bheil daoine a chaidh tro na sgoiltean iad fhèin a’ roghnachadh ‘Gaelscolaíocht’ dha’n cloinn an àite Gaeilge a bhruidhinn leo.”

A bheil e dìreach ro thràth gu bhith ’g ràdh nach deach aig “Gaelscolaíocht” air ginealach ùr de theaghlaichean Gaidhealach a thoirt chun an t-saoghail? Sin am beachd aig Janet Muller, àrd-oifigear na sgàil-bhuidhne “Pobal” ann an Èirinn a-Tuath. “Dh’fhaoidte gu bheil e ro luath fhathast figear earbsach a chur air na tha de sheann ‘Ghaelsgoilearan’ a’ togail clann le Gaeilge.

“An-dràsta, mar tha fios againn, tha a’ mhòrchuid de chloinn sna sgoiltean Gaeilge mu thuath a’ tighinn bho theaghlaichean gun Ghaeilge. Mar sin bhiodh e ciallach atharrachadh sam bith a thomhas stèidhichte orrasan an uair a dh’fhàsas iad suas.”

Chan eil mòran amharais ann nach eil e doirbh eòlas mionaideach a lorg air a’ chuspair. Tha an Dr Reamaí Mathers, neach-iomairt Gaeilge an Aontraim a-Tuath (air taobh eile Shruth na Maoile bho Cheann Tìre), àrd-ghuthach air ceist na Gaeilge san dachaigh. Tha e ag ràdh: “Cha chuala mi dad riamh mu chainnt neo eòlas cruinn air a’ chuspair. Tha na mìltean daoin’ òga an sàs ann an Gaeilge ach a chionns nach eil eòlas neo brosnachadh neo dad sam bith eil’ ann, tha an fheadhainn a tha a’ roghnachadh an clann a thogail le Gaeilge ’nan caoraich chonadail.”

A rèir Dr Mathers tha coiteachadh a dhìth air a’ cheist. “Feumar brosnachadh, sanasachd agus prògraman foghlaim gus am pròiseas a bhrosnachadh agus a chuideachadh. Ach chan eil seo ’na cheist as urra dhuinn a shocrachadh aig ìre ‘mòr-phoileasaidh’. Tha feum air buidheann shònraichte do sheann sgoilearan Gaelscoileanna agus air clàr-teagaisg sgoile a leigeas ris gu bheil togail cloinne le Gàidhlig so-dhèanta agus math dhan chloinn aca.”

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s